• Runrig

    Chí mi'n geamhradh

    Also performed by: Catherine Ann MacPhee
  • 4 translations
Favorites
Share
Font Size
Original lyrics

Chí mi'n geamhradh lyrics

Chi mi'n Geamhradh anns a' ghaoith
Chan eil an sneachd' fada bhuainn.
Sgothan dorch 's na craobhan rùisgt'
Tha an oidhche nochd fuar.
 
Shaoillinn fhéin gur ann an-dé
Bha teas an t-samhraidh 'gar leaghadh
Fad an fheasgair air an dùn
'S tu laigheadh leisg ri mo thaobh.
 
'S iomadh oidhch' a rinn sinn suiridhe.
'S iomadh oidhch' a rinn sinn gair.
'S iomadh oidhch' a bhithinn a' smuaintinn
Gum bitheadh tu comhla rium gu bràth.
 
Chan fhan a' ghrian fad na bliadhn'
Cha sheas an uair mar a tha i
Dh'fhalbh thusa gu'n a' cheò
'S dh'fhàg thu mi le mo gheamhradh.
 
'S iomadh oidhch' a rinn sinn suiridhe.
'S iomadh oidhch' a rinn sinn gair.
'S iomadh oidhch' a bhithinn a' smuaintinn
Gum bitheadh tu comhla rium gu bràth.
 
Chi mi'n Geamhradh anns a' ghaoith
Chan eil an sneachd' fada bhuainn.
Sgothan dorch 's na craobhan rùisgt'
Tha an oidhche nochd fuar.
 
'S iomadh oidhch' a rinn sinn suiridhe.
'S iomadh oidhch' a rinn sinn gair.
'S iomadh oidhch' a bhithinn a' smuaintinn
Gum bitheadh tu comhla rium gu bràth.
 
Comhla rium gu bràth.
 

 

Translations of "Chí mi'n geamhradh"
Runrig: Top 3
Comments