Phos Iain Aliean is dh’fhalbh Iain Ailean
Is phos Iain Ailean is choisich e bhuam;
Phos Iain Aliean is dh’fhalbh Iain Ailean
Is phos Iain Ailean ’s cha till mo dhual.
Dh’fhag thu mi mo chrochadh suas
Is shrac a’ ghaoth mo shocradh bhuam;
Dh’fhag thu mi mo chrochadh suas
A’ luasgadh, rag is lag fo ghruaim.
Breabadair nam bhruadaran,
Do bhreugan brisg gam bhriodaladh;
Breabadair nam bhruadaran,
’S mo dheoir bhrist’ a’ sniomh gun tamh.
Thachd an coigreach ar n-am ri teachd,
Le snaithean coimheach lion gun bhrigh;
Thachd an coigreach ar n-am ri teachd,
An comhdach cuidhe a’ gleidh’ mo chridh’.